AN REUBADH AS GEIRE - Tubaist na h-Iolaire

TUBAIST NA H-IOLAIRE 1 AN REUBADH AS GÈIRE ’S e a th’ anns na h-Eileanan Siar ach buidheann de dh’eileanean a tha gu math faisg air a chèile ach a tha cuideachd gu math eadar dhealaichte bho chèile. Tha iad suidhichte air oir a’ Chuain Shiar, air iomall na h-Eòrpa, iomallach agus an dà chuid sàmhach agus fiadhaich, leis a’ chultar is dòigh-beatha air leth aca fhèin. Bha buaidh mhòr aig a’ Chogadh Mhòr air na h-Eileanan, ach ’s ann goirid às dèidh deireadh a’ chogaidh a thachair fear de na tachartasan as brònaiche ann an eachdraidh nan eilean. Chaidh an HMY Iolaire fodha ann an sealladh Cala Steòrnabhaigh anns na h-uairean tràtha de Latha na Bliadhna Ùire 1919, às dèidh dhi a dhol air na creagan air Biastan Thuilm. Seo an sgeulachd bhrònach de na daoine a fhuair bàs san tubaist agus de na beagan dhaoine a mhair beò às. Seo cuideachd an sgeulachd mun earrann mu dheireadh den t-slighe fhada dhachaigh - turas nach bu chòir a bhith air a dhol ceàrr, agus sgeulachd mun mhòr-thubaist a thug buaidh mhòr air Eilean Leòdhais agus a tha air bròn do-labhairt adhbharachadh san eilean chun an latha an-diugh. Clì: clag na luinge a fhuaireadh air ais bhon HMY Iolaire às dèidh na tubaiste

RkJQdWJsaXNoZXIy MjA4NTgz